10/26/2005

Blog blog blog blog

Tha na blogaichean Gaidhlig a' fas mar amoebae

Seo far a bhios iad uile (am fear sgoinneil seo, na mheasg)
http://www.bloglines.com/public/Liosta

10/24/2005

Blog grot!

Obh obh! Tha mo shuilean goirt!

http://smellyboys.blogspot.com/

10/21/2005

Cuimhneachan Trafalgar



(An t-Ard-mharaiche Macaroni Mac a' Pheanguin on na h-Eileanan Fàclannach a' sgrùdadh na trùpan.)

Trafalgar. Agincourt. Colditz. Rourke's Drift. Stiophan MacShuibhne air a' mhotar-baidhg aige. Sin na rudan a rinn na Breatannaich fhèin.

Nach eil àrd-inntinn oirnn uile? Neo a bheil sgeulachd caran eadar-dhealaichte ann?

Cò tha bruidhinn air press gangs? As aonais na press gangs, cha bhitheadh cabhlach mor aig MacNèill. Chaidh na press gangs air feadh na dùthcha, chun baile mor Sruighlea, agus àiteachan nach robh faisg air a' chuan mhòr idir. Sna luing dorcha, salach aig MacNèill, fhuair iad uile rum is sgiùrsadh, a bharrachd air ciorramachadh fada nas miosa na sin.

Cha b'e eachdraidh cho aighearach aig ìmpireileas Bhreatainn ris am faicear air na meadhanan san là an diugh.

10/17/2005

Bha sinn ceart!

Uill, mar a thubhairt fir ann an Alba, tha a' Bheeb gan leigeil seachad. Cha robh iad measail air "6 na h-Alba" ("Scottish Six"), agus ged a tha sin fior gur e mionchuid a tha annainn... cha robh feum air.

Ann an RA, tha na h-Albannaich aig 10%, ach air am Beeb, tha na programman Albannach a rinn iad nas lugha na 2%. Chan eil dad cearr air sin ann an Lunnain no Caerdydd, ach tha sin gu math cearr ann an Alba fhein!

http://www.sundayherald.com/52287

A six-month study into the BBC showed 34% of all news focused on England while just 2% was dedicated to Scotland."

The research was carried out by Dr Douglas MacMillan, of the geography and environment department at Aberdeen University. He found that Scottish news was “peripheral” compared with English stories.

"Scottish stories were treated as the stocking fillers at the end of the programme instead of being at the core of news stories. Scotland was represented with stories in entertainment or the environment ,” he said.

“The bias to England is intensified when you look at serious news coverage which is home affairs, crime, health, politics and education.

“The statistics read 41% for British coverage, but then 30% on England and 0.7% on Scotland, which is staggering.”


Whinging Jocks taking over the "country"?

10/13/2005

CosmoNOT no Big Issue?



Tha e eibhinn, agus tha e anns a' Ghaidhlig.
Ach chan eil stuth gu leor mu program-fànais Sobhietach ann.

'S mor am beud! Bha mi'n dochas gun do leugh mi mu dheidhinn Laika (taobh-chli - nach snog i?) agus Gherman Titov (se sin a cheud duine a rinn diobhairt ann am fànais) neo Sergei Korelev. Co-dhiu, bha drama inntinneach mun deidhinn air BBC2 o chionn goirid. Agus Werner von Braun.

Tha stuth ann an CosmoNOT air samobhar. Coire Sobhietach.

Is toigh leamsa Ann an Siorrachd Lannraig le Camara (bha mi fhein anns a' Bhigots' Bar, an ArdRuigh) agus Croitearan Pìosail ('s toil leam an artagail, chan eil mi airson croitear a phosadh).

Ach de mu dheidhinn Iris Mhor? Tha sin a' ciallachadh "Big Issue". A bheil deasaiche dem Big Issue ga foillseachadh?

ComosNOT an seo

http://www.cosmonot.co.uk

10/10/2005

Ar Cànan 'S ar Càmhal


De ni mi ma chaill mi mo chàmhal?

Tha cus blogaichean Gaidhlig air loidhne a-nis, ach chan fhaca mi fear sam bith sa bhios a' bruidhinn mu dheidhinn ar càmhalan còir.

Co-dhiu, gun dail is gun eagal (is gun naire), seo a' chiad pios Gaidhlig mu dheidhinn an species boidheach seo.

Càmhalan sa Ghearmailteis:
http://kamelopedia.mormo.org/index.php/Bush

Agus sa chanan eile sin:
http://tinyurl.com/7ulaq


Deò-ghrèine: airson càmhalan air feadh na dùthcha

10/09/2005

Cùis Nàire no Fìre-Faire?


‘S iomadh là a bha mi glaicte air a’ bus. Bha an trafaig a’ dol mar turtur agus chan eil càil ri dhéanamh ach a bhith nad fheitheamh. Is feitheamh.

‘Carson nach draibheadh tu?’ arsa caraid rium.

‘Uill,’ freagraidh mi, ‘Am bu choir? Cha chrèid mi.’

Chan eil eiseimpleirean math ri fhaicinn ann am Breatann no Aimearaga nas mò, ach se sin far a bhios comhairlean Albannach mar Dùn Éideann a’ dol, nuair a tha na h-’experts’ aca a’ lorg plana trafaig. Carson nach cur iad sùil air Roinn Eòrpa? Ann a shiud, ruith seirbheisean sgoinneil gach là. Tramaichean, busaichean agus tréanaichean aig nach eil an leithid againn an Alba. Chan e Aimearaga mhòr a th’annainn, leis a’ pheatroil saor, agus tha cus càraichean againn. Se aobhar-cogaidh ann an ola fhéin co-dhiù. Ged a tha ola againne.

Cha bidh na h-Albannaich ag eacarsaigeadh gu leòr, ach thèid fear ris na bùthan sa char aige. Bùthan cairteal-mhìle air falbh! Mar seo, se nàisean mi-fhallan a th’annainn.

Busaichean dùthchail? Sin sgeul eile!