10/13/2005

CosmoNOT no Big Issue?



Tha e eibhinn, agus tha e anns a' Ghaidhlig.
Ach chan eil stuth gu leor mu program-fànais Sobhietach ann.

'S mor am beud! Bha mi'n dochas gun do leugh mi mu dheidhinn Laika (taobh-chli - nach snog i?) agus Gherman Titov (se sin a cheud duine a rinn diobhairt ann am fànais) neo Sergei Korelev. Co-dhiu, bha drama inntinneach mun deidhinn air BBC2 o chionn goirid. Agus Werner von Braun.

Tha stuth ann an CosmoNOT air samobhar. Coire Sobhietach.

Is toigh leamsa Ann an Siorrachd Lannraig le Camara (bha mi fhein anns a' Bhigots' Bar, an ArdRuigh) agus Croitearan Pìosail ('s toil leam an artagail, chan eil mi airson croitear a phosadh).

Ach de mu dheidhinn Iris Mhor? Tha sin a' ciallachadh "Big Issue". A bheil deasaiche dem Big Issue ga foillseachadh?

ComosNOT an seo

http://www.cosmonot.co.uk

1 Comments:

Blogger Gath Clag said...

Cait an robh "Laika" a' fuireach? Baile Laika, gun teagamh. :)

10:56 pm  

Post a Comment

<< Home