10/09/2005

Cùis Nàire no Fìre-Faire?


‘S iomadh là a bha mi glaicte air a’ bus. Bha an trafaig a’ dol mar turtur agus chan eil càil ri dhéanamh ach a bhith nad fheitheamh. Is feitheamh.

‘Carson nach draibheadh tu?’ arsa caraid rium.

‘Uill,’ freagraidh mi, ‘Am bu choir? Cha chrèid mi.’

Chan eil eiseimpleirean math ri fhaicinn ann am Breatann no Aimearaga nas mò, ach se sin far a bhios comhairlean Albannach mar Dùn Éideann a’ dol, nuair a tha na h-’experts’ aca a’ lorg plana trafaig. Carson nach cur iad sùil air Roinn Eòrpa? Ann a shiud, ruith seirbheisean sgoinneil gach là. Tramaichean, busaichean agus tréanaichean aig nach eil an leithid againn an Alba. Chan e Aimearaga mhòr a th’annainn, leis a’ pheatroil saor, agus tha cus càraichean againn. Se aobhar-cogaidh ann an ola fhéin co-dhiù. Ged a tha ola againne.

Cha bidh na h-Albannaich ag eacarsaigeadh gu leòr, ach thèid fear ris na bùthan sa char aige. Bùthan cairteal-mhìle air falbh! Mar seo, se nàisean mi-fhallan a th’annainn.

Busaichean dùthchail? Sin sgeul eile!

1 Comments:

Blogger Gath Clag said...

Rud eile inntinneach

http://www.uncyclopedia.org/wiki/Orange_construction_barrels

6:04 pm  

Post a Comment

<< Home