2/12/2005

Toiseach toiseachaidh

De th'ann am blog co-dhiu? Chan eil fhios a'm, ach tha a h-uile duine gan sgriobhadh.

Feumaidh mi RABHADH mor a chur a mach. Chan eil a' Ghaidhlig seo glan neo gramadach neo stuth mar sin, 's e direach an seorsa agamsa... for better or worse agus smaoinich mi gun robh feum againne airson blog math Gaidhlig a bhith ann. Math? Uill, tha mi'n dochas gum bitheadh am fear seo math! Chan e a' Ghaidhlig as fhearr a th'agamsa air an eadar-lion, ach gun teagamh, chan eil a' Ghaidhlig as miosa agam... so, sgriobhaidh mi sa Ghaidhlig!!!

Bidh am blog seo air rud sam bith aig a tha uidh agam aig an am sin, agus cuideachd, cha bidh mi a' sgriobhadh mu dheidhinn a' Ghaidhlig fad na thide (gle chudromach nach eil?). Cha robh mi riamh cho math air leabhar-latha a chumail, ach sgriobhaidh mi cus air a' chomputer co-dhiu...

5 Comments:

Blogger Gath Clag said...

Ciamar a cuir mi a h-uile rud air a' bhlog sa Ghaidhlig?

p.s. Feuchaidh mi a' cleachdadh na sracan-- promise!

10:57 pm  
Blogger Graisg said...

Math gad fhaicinn anns a bhlogosphere ghàidhlig a Ghath.
Tìoraidh an dràsta

12:17 pm  
Blogger Gath Clag said...

Moran taing a Ghraisg. Chunnaic mi am blog agaibh, bha e gle inntinneach. Seo a chiad am a rinn mi blog sam bith, agus tha mi ag ionnsachadh fhathast. Is toil leam na dealbhan agaibh, chan eil mi fhein cho adhartach, ach bidh mi a' cur dealbhan ann.

1:41 pm  
Blogger tearlach61 said...

Tha mi toilichte d'fhaicinn. 'S mise am fear ameireiganach, alascanach.

A bheil mi eolach ort ann àiteachan eile? Is mise Chuck aig SaveGaelic.

Tearlach

5:58 am  
Blogger Ceud mac Magach said...

GC: Chan eil a' Ghaidhlig seo glan neo gramadach neo stuth mar sin, 's e direach an seorsa agamsa... for better or worse

Math fhèin cuideachd! Chan eil sinne feumach air Faclair na Pàrlamaid eile 'nam bheachdsa. Bithidh am blog seo fada nas inntinniche gun ceartachas poilitigeach cànanaicheil.

2:52 pm  

Post a Comment

<< Home