7/05/2005

G(r)8

O mo chreach sa thainig! Laithean neonach gu dearbh... bha mi ann an Dun Eideann is Glaschu san seachdainn seo. Tha poileas gu leor ann, agus choppers a' tuairnealach mun cuairt mar seorsa phlaigh Bioballach!

4 Comments:

Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Agus a-rèir choltais, 's e am poileas a tha a' briseadh na lagh cuideachd! Mar a thuirt fear òg an Dùn Eideann air na naidheachdan air Seanail 4 - "They've stolen my musical instrument!"

8:19 pm  
Blogger Graisg said...

Ach nach robh thu a’ faireachdainn sàbhailte?

12:38 pm  
Blogger Gath Clag said...

Sabhailte? Eirm (erm sa Ghaidhlig)... chan fhaca mi na h-ainriaghailteaich (anarchists) a' deanamh cus cron, feumar aideachadh, ach chuala mi gun robh am MET caran heavy handed ri coltais ri poileas eile.

Uill, nise, tha trioplaid eile againne ann an Lunnain. Tha am poileas gu math paranoid an seo cuideachd.

6:01 pm  
Blogger Gath Clag said...

Rud eile, cha do thuig mi carson nach robh an G8 air eilean beag, mar a bha e ann an Hawaii. Tha sin nas saora. Eilean beag mar Sgeir Rocail 's docha!

6:02 pm  

Post a Comment

<< Home