1/16/2007

Naire mor na h-Alba: 1707-2007



De tha an naire as motha air an duthaich seo an diugh? Uill, tha taghadh farsaing ann - eucoir, cogadh ann an Iorac is Afghanistan, brùidealachd (den gach seorsa), /sectarianism/, truailleadh, cealgaireachd poileatagach... neo eadhon an telebhisean againne?

Nam bheachdsa, tha naire mor aig na h-Albannaich, ged nach eil iad uile ga mhothachadh. Sin an "Aonadh", eadar Alba agus Sasainn (san fhirinn, chan e direach na h-Albannaich agus Sasannaich, ach na Cuimrich, cuid de na h-Eireannaich, agus Cornaich cuideach).

Ann an Alba, tha muinntir bochd, neo-fhallain gun foghlam math againne, agus tha cuid a' creidsinn gur e rud math a tha ann. Is docha, tha eagal orra air atharrachadh sam bith, agus is urrainn dhuinn uile a thuigsinn. Ach, tha atharrachadh a' tachairt gach latha - gach mionaid - air an saoghal seo. Deich bliadhna air ais - cha robh blogaichean sam bith, mar eiseimpleir, agus cha robh telebhisean digiteach againne, neo Parlamaid na h-Alba. Atharraichidh Alba co-dhiu. Ach a bheil na h-Albannaich a' dol a taghadh atharrachadh bochd Breatannach, neo atharrachadh math a bhios aig Alba neo-eiseimealach?

Chan e aisling gorach a tha ann, neo seorsa /utopia/. Gun teagamh, bidh trioplaidean gu leor againne, an deidh neo-eiseimleachd na h-Alba. Feumaidh sinn a' coimhead air duthchannan eile, seachad am BBC Breatannach, neo na paipearan Breatannach sna bailtean mora na h-Alba. Tha Lochlainn sa suidheachadh fada, fada nas fhearr na suidheachadh againne. Tha na Lochlannaich beart, foghlamaichte agus dochasach. Chan eil iad bochd, agus aineolach ma tha moran daoine ann an Alba an diugh. Agus, ann an Eirinn, chi sinn fein-earbsa sa phoblachd a tha a dhith air Alba fhein.

Tha na duthchannan beaga seo nas fhearr, agus nas beartaiche as deidh neo-eiseimleachd againne bhon Ruis, a' Ghearmailt agus Breatann. Carson nach eil sinn cho glic?